
Celtic League Alba Branch News - 19-02-98This news also in GaidhligThe third copy of Stri (the Celtic League Alba branch magazine) is finally finished. In this edition there is an interview with Peadar Morgan (Comann an Luchd-Ionnsachaidh's director) and an article by Wilson McLeod on "Gaelic and the Race Relations Act in Gaelic". In English too we have a history of Esperanto, Gaelic campaigns, the Tamil nationalist struggle and much more. Members of the Celtic League Scotland branch get Stri free in addition to Carn (the Celtic League's international magazine which includes information about the six Celtic nations and languages in English and the six Celtic languages). Carn 100 is also now ready and is a special issue this edition to mark the magazines 25th anniversary. For this reason, there are essays on the Celtic languages and nationalist movements since Carn began. There is also a poetry supplement including poetry in all six Celtic countries and translations between these languages. For example, Aonghas Dubh MacNeacail is included in Breton as well as Gaelic. Naidheachd a' Chomainn CheiltichA chairdean,Tha an treas leth-bhreac de Strì (iris meur Albannaich a' Chomainn Cheiltich) deiseil mu dheireadh thall. Anns an eagran seo, tha agallamh le Peadar Morgan (stiuriche Chomann an Luchd-Ionnsachaidh) agus aiste air "Gaidhlig agus an Race Relations Act" le Wilson MacLeoid anns a' Ghaidhlig. Tha torr againn anns a' Bheurla cuideachd a' gabhail a-steach eachdraidh na Spraintis (Esperanto), iomairtean Gaidhlig gu leor, gluasad naiseantach nan Tamileach agus iomadh rud eile. Bidh buill a' Chomainn Cheiltich ann an Alba a' faighinn Stri saor is an asgaidh cho math ri Carn (iris eadar-naiseanta a' Chomainn Cheiltich anns a bheil fiosrachadh mu na sia duthchanan agus cananan Ceilteach anns a' Bheurla agus sna sia cananan Ceilteach). Tha Carn 100 deiseil a-nis cuideachd agus 's e eagran sonraichte a th' againn an turas seo a chionn 's gu bheil an iris air a bhith tighinn a-mach airson coig bliadhna fichead. Air an adhbhar seo, tha aistean air eachdraidh nan cananan Ceilteach agus nan gluasad naiseantach Ceilteach bhon a thoisich Carn. Tha supplement bardachd ann cuideachd a' gabhail a-steach bardachd anns na sia cananan Ceilteach agus eadar-theangachaidhean eadar na cananan sin. Mar eisimpleir, tha Aonghas Dubh againn ann an Breatnais a bharrachd air a' Ghaidhlig. Back to Celtic League News |